Do Chànan. Do Chothrom.
Tha Eilidh Johnson ag innse mar a tha pàirt aig cànan na cùrsa-beatha.
Make your life easier with a MyÂé¶¹¾«Ñ¡ account. It’ll save you time, help you find and organise content based on your needs and interests.
Is mise Eilidh NicIain, tha mi 23 bliadhna A’ dh’aois agus ’s ann à Inbhir Pheofharain a tha mi.
Chuir mi seachad 5 bliadhna ag obair agus a’ sgrùdadh ’s an t-Eilean Sgitheanach far an do rinn mi an Cùrsa Gà idhlig agus na Meadhanan aig Sabhal Mòr Ostaig. Ghluais mi dhachaigh aig deireadh 2022 agus tha mi a-nis a’ fuireach ann an Inbhir Nis.
Tha mi ag obair mar neach-taic riochdachaidh aig companaidh na meadhannan, DP Digital Media. Bidh sinn a’ clà radh, gearradh agus a sgaoileadh filmichean airson iomadh diofair companaidh. Bho filmichean sanasachd gu tachartasan beò, tha measgachadh mòr ann bho latha gu latha.
Tha mi air Gà idhlig a bhruidhinn bho aois gu math òg leis gur ann à Uibhist a Deas a tha m’ athair agus tha e mar phairt mòr den cultar agam.
Tha mi uabhasach toilichte a rà dh gu bheil sinn a-nis a cleachdadh Gà idhlig san obair agam a’ toirt dhuinn barrachd cothroman filmichean eadar-dhealaichte a’ dhèanamh.
Airson an fhìrinn innse, cha bhithinn far a bheil mi gun na cothroman a tha Gà idhlig air thoirt dhomh thar na bliadhnaichean agus tha mi cho pròiseil as mo chanan.