Taigh-staile Bheinn na Faoghla
Thàinig aisling eileanach a thaobh mac na braiche a chruthachadh ann an Innse Gall, gu bith ann an 2024.
Make your life easier with a MyÂé¶¹¾«Ñ¡ account. It’ll save you time, help you find and organise content based on your needs and interests.
Chuir Keith Moireasdan aig a bheil Wee Studio Records, a ghnothachas an lùib a bhith a’ clà radh ciùil, air bhonn air Eilean Leòdhais ann an 2008. Tha an gnothachas a’ tabhann sheirbheisean co-cheangailte ri innleadaireachd stiuidio, a’ gabhail a-steach clà radh, measgachadh, maighstireadh, agus clà radh bhidio proifeiseanta.
Stèidhichte ann an Steòrnabhagh bho thùs, thug Keith an stiuidio a Nis – aig fìor cheann a tuath Leòdhais – ann an 2022. B’ e dìreach aon chomharra a bha sin de dhealas a’ ghnothachais a thaobh taic do leasachadh coimhearsnachd.
Bha an togalach a b’ à bhaist a bhith le Âé¶¹¾«Ñ¡, a’ tabhann 351 meatair ceà rnagach de fharsaingeachd, a bha dìreach foirfe airson seirbheisean an Wee Studio. Bha e comasach dhuinn Keith a chuideachadh le a phlana gnothachais agus a lèirsinn a chur an gnìomh, le tabhartas de dh’airgead a dh’ionnsaigh uidheamachd agus atharrachaidhean a dhèanamh air an à ite chruthachail agus air leth a tha e air a leasachadh.
Coinnich ri Keith san stiuido aige ann an Nis, sa film ghoirid againn.
Tha Keith ag rà dh gun tug ath-nuadhachadh air an togalach, cothrom fìor mhath dha air raon de cheumannan a ghabhail gus dèiligeadh ris an rangachadh cumhachd aige. Dhèilig e ri stuth-ghlèidhidh teas, riarachadh dealain, thug e a-steach bolgan sà bhalaidh cumhachd agus chuir e pannalan grèine an sà s.
Tha planaichean aige cuideachd airson coimhead ri mar as urrainn do sholas grèine taic a chur ri feumalachdan còmhdhail a’ ghnothachais. Tha an gnothachas air a bhith ag obair le gus coimhead ri mar a dh’fhaodas saoghal a’ chiùil, gigeachan agus ionnsachadh a bhith air a lìbhrigeadh ann an dòigh eadar-dhealaichte, a’ cleachdadh teicneòlas bhiortail agus fìorachd mheasgaichte.
Faigh a-mach tuilleadh mu thuras uaine a’ ghnothachais sa chliop againn.
Tha cliù là idir soirbheachaidh aig an Wee Studio ann an cuideachadh tà lant ionadail, gu h-à raid sna trà th-ìrean de chlà radh agus leasachadh ciùil. Is e aon nì a tha cudromach a bhith ag obair còmhla ris an luchd-ciùil Albannach, Peat & Diesel, a’ cur ri an clà ran stiuido ainmeil agus an gnìomhaidhean beò.
A’ coimhead air adhart, tha an Wee Studio ag amas air a ruigsinneachd a leudachadh a-mach le bhith ag obair còmhla ri luchd-dèiligidh taobh a-muigh an eilein, a’ sìreadh tà lant do Wee Studio Records, agus a’ sgaoileadh shruthan teachd-a-steach tro shruthadh air-loidhne, dèanamh bhidiothan ciùil de dh’à rd-chà ileachd, agus seirbheisean do chuairtean. A thuilleadh air sin, tha na planaichean a’ gabhail a-steach urras ciùil ionadail a chruthachadh gus taic a thoirt don choimhearsnachd chruthachail nas fharsainge, agus cidsin gnìomhachasail a stèidheachadh.
Tha lèirsinn Keith a’ gabhail a-steach chan e a-mhà in fà s gnothachais ach cuideachd saidhbhreachadh coimhearsnachd, le planaichean aison à ite-fuirich do luchd-cruthachail a tha a’ siubhal, dèanamh ùrachadh air goireasan airson seasmhachd, agus fastadh luchd-obrach ionadail gus taic a thoirt don t-suidheachadh obrach. Le bhith ag à rach cho-obrachaidhean, tasgadh ann am bun-structar, agus toirt prìomhachas do chom-pà irt coimhearsnachd, tha an Wee Studio deiseil airson a’ bhuaidh dheimhinneach a tha aige air Eilean Leòdhais, a thoirt chun na h-ìre as à irde. Â
Leugh mu chuid de na gnìomhachasan agus coimhearsnachdan eile a tha sinn a’ toirt taic.
Thàinig aisling eileanach a thaobh mac na braiche a chruthachadh ann an Innse Gall, gu bith ann an 2024.
The dream of an islander to create a single malt whisky in the Outer Hebrides came to fruition in 2024 with the first spirit starting to flow at Benbecula Distillery.
Âé¶¹¾«Ñ¡ has been supporting Modular West, based on the Isle of Barra, for a number of years. Read about their development and how they're plugging a vital gap in the Island housing market.
Keith Morrison, the owner of Wee Studio Records, established his music recording business in the Isle of Lewis in 2008.